If I Must Die...

Ma dh'fheumas mi 'm bàs

Translated to Scottish Gaelic by

Ma dh'fheumas mi 'm bàs

Feumaidh tusa a' bheatha

Gus mo sgeul innse

Gus mo chuid a reic

Gus pìos clò a cheannachd

Agus sreang bheag no dhà

(Dèan geal i, is earball fada oirr')

Feuch am faic pàisd', an àite an Gaza,

Is e coimhead nan neàmhan

A' feitheamh athair a dh'fhàg le teine-

Gun tìoraidh ri aonan

Fiù 's ri fheòl

Fiù 's ris fhèin-

An itealaig, m' itealaig a rinn thusa, ag itealaich shuas

Agus gun smaoinich e, dìreach greiseag, gu bheil aingeal an siud

A' tilleadh leis a' ghaol

Ma dh'fheumas mi 'm bàs

Gun toir e leis dòchas

Gum bi e na sgeulachd.


Select poem translation

A poem by Refaat Alareer.